7.8 C
Inverness
Saturday, April 27, 2024

Àbhachdas na Nollaige do Sgoilearan Gàidhlig

- Advertisement -

Tha an Nollaig a’ teannadh oirnn agus, air 27 An t-Samhain, bidh triùir chleasaichean a’ falbh air an rathad fad ceala-deug le Calum Anndra agus a’ Chòta Dheirg, Panto Gàidhlig Fèisean nan Gàidheal.

Bidh Artair Donald (OMC!, Outlander, Màiri Mhòr), Raonaid Cheanadach (Eilbheas, An Clò Mòr agus Fearghas Rothach (Three at Table, The Gaelic King) a lìbhrigeadh 17 taisbeanaidhean le ceòl, gluasad is fealla-dhà na fèille le do 23 sgoiltean.

A bharrachd air taisbeanaidhean nan sgoiltean, gheibh coimhearsnachd Inbhir Nis cothrom am Panto fhaicinn ann an Eden Court (Seòmar Mhic Illeathain) Diardaoin 30 An t-Samhain aig 7f.

Gheibh coimhearsnachdan Uibhist an aon chothrom Diciadain 6 An Dùbhlachd aig 6f aig Cnoc Soilleir ann an Dalabrog.

Bidh na taisbeanaidhean poblach seo saor an-asgaidh don chloinn ach le tabhartasan ga thoirt aig an doras.

Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil:

“Bidh tèatar beò a’ neartachadh tuigse cànain agus bidh abairtean air an ath-aithris gam fighe fhèin a-steach do dh’eanchainn òga.

“Ach, a cheart cho cudromach, tha clann ann an am foghlam Gàidhlig – agus an luchd-teagaisg aca – airidh air beagan spòrs, gu h-àraidh aig an àm seo den bhliadhna. 

“Bu mhath leinn taing a thoirt do ar luchd-maoineachaidh air fad, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail nam measg, agus tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn panto a thabhann do sgoiltean nan Eilean Siar agus na Gàidhealtachd am-bliadhna, lei dùil sgìrean eile eile a ruighinn sna bliadhnaichean a tha romhainn.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn air leth toilichte gun till am Panto Gàidhlig am-bliadhna agus gum faigh daoine air feadh na dùthcha tlachd às.

“Tha na h-ealain agus dràma nan deagh dhòigh do dhaoine òga a dhol an sàs sa Ghàidhlig ann an suidheachaidhean spòrsail is neo-fhoirmeil, agus dè tha nas spòrsail agus neo-fhoirmeil na Panto?”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Phanto agus ar n-obair drama sna sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma, Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot

Christmas Cheer for Gaelic Pupils 

Christmas is drawing near once again and, on the 27th of November, three actors will head out on the road for a fortnight with Fèisean nan Gàidheal’s Gaelic Panto, Calum Anndra agus a’ Chòta Dheirg.

Artair Donald (OMC!, Outlander, Màiri Mhòr), Rachel Kennedy (Eilbheas, An Clò Mòr) and Fergus Munro (Three at Table, The Gaelic King) will deliver 17 performances full of music, movement and festive fun loosely based on the story of Little Red Riding Hood, to 23 schools across the Highlands and Islands.

As well the schools performances, families in Inverness will have the opportunity to see the Panto at Eden Court (Maclean Room) on Thursday 30th November at 7pm.

There will also be a public performance at Cnoc Soilleir in Daliburgh, South Uist at 6pm on Wednesday 6th December.

Both performances are free to attend for children but donations can be made at the door.

Eilidh Mackenzie, Fèisgoil Manager said:

“Undoubtedly, live theatre strengthens language acquisition, with repeated phrases – so common in panto – embedding themselves in young minds.

“But just as important as the educational benefits, children in GME – along with their teachers – deserve a little fun, especially at this time of year. 

“We are very grateful to all our funders, including Bòrd na Gàidhlig and Creative Scotland, and it gives us so much pleasure this year to be able to offer the festive show to schools in the Western Isles and Highland before turning to other areas in the future”

Ealasaid MacDonald, Ceannard (CEO), Bòrd na Gàidhlig, said: 

“We’re thrilled that the Gaelic Panto will return this year and that people all over the country will get to enjoy it.

“The arts and drama are a great way for young people to engage with Gaelic in fun and informal settings, and what’s more fun and informal than Panto?

For more information about Fèisean nan Gàidheal’s Panto and our drama work in schools, contact Drama Officer, Angus Macleod at angus@feisean.scot

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img