17 C
Inverness
Tuesday, July 23, 2024

Buidheann na Coilltearachd a’ Foillseachadh Plana Gàidhlig

- Advertisement -

Tha Coilltearachd na h-Alba air a’ chiad Phlana Gàidhlig riamh aca fhoillseachadh, a’ nochdadh a dealais agus taic dhan chànan dhùthchasach.

Chaidh am plana ùr fhoillseachadh às dèidh co-chomhairle anns an deach beachdan a shireadh air mar a dh’fhaodadh a’ bhuidheann cuideachadh gus a’ Ghàidhlig a dhìon.

Dh’obraich Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach le uallach gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an Alba, còmhla ri Coilltearachd na h-Alba gus am plana cànain ùr a dheasachadh.

Thuirt Paul Lowe, Ceannard Coilltearachd na h-Alba:

“Tha sinn dealasach a thaobh na h-obrach as urrainn Coilltearachd na h-Alba a dhèanamh ann a bhith a’ cur ri inbhe, cleachdadh agus togail na Gàidhlig, an dà chuid gus amasan Bhòrd na Gàidhlig a thoirt air adhart agus gus cuideachadh le cur an gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

“Tha am plana ùr seo a’ toirt cothrom dhuinn sùil a thoirt air na tha sinn air coileanadh bho chaidh sinn nar Buidheann-gnìomha aig Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 agus gus na gealltanasan againn dhan Ghàidhlig airson nan còig bliadhna ri teachd a dhearbhadh.”

Tha Coilltearachd na h-Alba gu bhith a’ togail air an obair a th’ aca an-dràsta gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart ann an trì prìomh dhòighean:

  • a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig taobh a-staigh Coilltearachd na h-Alba agus a’ brosnachadh barrachd dhaoine gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice nuair a bhios iad a’ conaltradh leotha;
  • a’ cur ris na cothroman aig daoine a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig mar phàirt de dh’obair làitheil na buidhne; agus
  • a’ brosnachadh ìomhaigh fhàbharach dhan Ghàidhlig far an gabh seo dèanamh mar phàirt den obair làitheil aca mar bhuidheann

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn toilichte fhaicinn gu bheilear a’ gabhail ris a’ phlana seo agus na geallaidhean a tha na bhroinn.

“Bidh buaidh mhòr aig na geallaidhean a bhuineas ri branndachd agus adhartachadh a’ chànain gu sònraichte air faicsinneachd a’ chànain nuair a bhios a’ bhuidheann a’ conaltradh ris a’ phoball.”

Chithear Plana Gàidhlig ùr Coilltearachd na h-Alba air-loidhne air an làraich-lìn aca

Forestry agency publishes Gaelic Language Plan 

Scottish Forestry has published its first ever Gaelic Language Plan, demonstrating its commitment and support for the native language.

The new plan has been produced after a consultation period which sought views on how the agency could help promote and protect the Gaelic language.

Bòrd na Gàidhlig, the principal public body responsible for promoting Gaelic in Scotland, worked with Scottish Forestry in the production of the new language plan.

Paul Lowe, Chief Executive at Scottish Forestry said:

“We are committed to the role that Scottish Forestry can play in enhancing the status, supporting the usage of and development of Gaelic language skills, both to further the aims of Bòrd na Gàidhlig and to assist in the delivery of the National Gaelic Plan.

“This new plan allows us to take stock of what we have achieved since becoming a Scottish Government Agency in 2019 and confirm our commitments to Gaelic for the next five years.”

Scottish Forestry is to build on its current work to promote Gaelic under three key themes:

  • increasing the use of Gaelic within Scottish Forestry and encouraging more people to use Gaelic, more often when they interact with them;
  • increasing the opportunity for people to learn Gaelic as part of the agency’s day-to-day operations; and
  • promoting a positive image of Gaelic whenever Scottish Forestry can as part of their day-to-day operations as an organisation.

Ealasaid MacDonald, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, said:

“We’re pleased to see this plan being approved and the commitments within it being adopted.

“The commitments around branding and promotion of the language in particular will have a big impact on the visibility of the language when communicating with the public.”

Scottish Forestry’s new Gaelic Language Plan can be viewed online via their website

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img