6.5 C
Inverness
Thursday, March 28, 2024

#DèanDiofar Tràth-Bhliadhnaichean

- Advertisement -

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte iomairt #DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean a chur air bhog.

Tha seo a’ leantainn iomairt #DèanDiofar a chaidh fhoillseachadh an-uiridh gus daoine a bhrosnachadh a bhith a’ beachdachadh air dreuchd ann am foghlam Gàidhlig.

Tha #DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean ag amas air daoine a bhrosnachadh gu dreuchd anns na tràth-bhliadhnaichean.

Chaidh an iomairt a leasachadh le taic bho luchd-cleachdaidh stèidhichte ann an iomadh ùghdarras ionadail air feadh na dùthcha.

’S e ceum luachmhor ann an slighe Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a th’ anns na tràth-bhliadhnaichean agus tha e na phrìomh amas sa Phlana Nàiseanta 2018-2023.

Leis gu bheil 1140 uair a thìde de Thràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne (TIC) ri fhaotainn do gach pàist’ aig aois 3 & 4, tha barrachd luchd-cleachdaidh a dhìth gus a bhith cinnteach gun tèid feumalachdan na roinne seo a fhrithealadh.

Thathar an dòchas, le bhith a’ sealltainn a’ phailteis de chothroman a thig le dreuchd anns na Tràth-bhliadhnaichean, gun tog sin aire dhaoine gus beachdachadh air mar dhreuchd dhaibh fhèin. 

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim, Bòrd na Gàidhlig:

“Tha solar Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig ro-chudromach airson leasachadh na Gàidhlig.

“Tha a bhith fastadh luchd-cleachdaidh sgileil deatamach gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach gu leòr ann airson taic a chumail ris an iarrtas bho phàrantan san roinn seo.

“Tha na goireasan ùra seo a’ toirt sealladh air dreuchd fharsaing, làn bhuannachdan a tha a’ feitheamh air neach sam bith a tha a’ beachdachadh air dreuchd ann an Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne.”

Thuirt Flora Guidi, Ceannard, Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh:

“Is e dreuchd air leth cudromach a tha ann an obair nan tràth bhliadhnaichean ann an Gàidhlig agus tha sinn a’ cur luach air gach duine agaibh a thig a dh’obair còmhla rinn.”

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth taingeil don luchd-cleachdaidh air fad a ghabh pàirt san iomairt seo agus a thug seachad fiosrachadh buileach feumail mu na dreuchdan aca.

Barrachd fiosrachaidh: Bòrd na Gàidhlig

Making a Difference in the Early Years with #DèanDiofar

Bòrd na Gàidhlig are delighted to announce a new campaign: #DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean (Make a difference in the Early Years), following on from the #DèanDiofar campaign launched last year aimed at encouraging people to consider a career in Gaelic education.

#DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean focuses on encouraging people to embark on a career in the Early Years sector.

The campaign was developed with support from Practitioners based in various Local Authorities across Scotland.

Gaelic Early Years Education is a vital first step within Gaelic Medium Education and is a key priority area, highlighted within the National Gaelic Language Plan 2018 – 2023.

With 1140 hours of funded Early Learning & Childcare (ELC) now available to children aged 3 & 4, more Gaelic ELC Practitioners are required to ensure Gaelic Medium Education (GME) can continue to meet the demands of this expanding sector.

It is hoped by showcasing the breadth of opportunities offered by a career in Gaelic Early Years, that more people will be encouraged to come forward.

Jim Whannel, Director of Education Bòrd na Gàidhlig said:

“Gaelic Early Years provision is vital to the development of Gaelic.

“The recruitment of skilled practitioners is of the utmost importance to enable this sector to fully keep up with the demand from parents.

“These new resources highlight the rewarding and varied career that awaits anyone considering working within Early Learning & Childcare.”

Flora Guidi, Ceannard, Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh said:

“A career in Early Years is a vital role and we value each and every person who will join us in this work.”

Bòrd na Gàidhlig are thankful to all the Early Years settings who allowed Practitioners to participate in this campaign, providing an invaluable insight into each of their careers.

Useful information: Bòrd na Gàidhlig

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img