4.3 C
Inverness
Friday, March 29, 2024

Deasbad Nàiseanta Loganair nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig

- Advertisement -

Tha Comataidh Deasbad Nàiseanta Loganair nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig toilichte ainmeachadh gu bheil Loganair, am buidheann-adhar roinneil as motha san Rìoghachd Aonaichte, a’ leantainn le taic do dh’fharpais na bliadhna seo, an dèidh trì bliadhna far nach deach am farpais air adhart.

Thèid suas ri 100 sgoilear bho air feadh Alba air itealan gu Steòrnabhagh far an cumar a’ chiad chuairt den fharpais chliùiteach seo, (a’ chiad dà chuairt air an 8mhagus 9mh Samhain) agus a Dhùn Èideann far an tèid na cuairtean deireannach a chumail (an iar chuairt dheireannach air 29mh agus a’ chuairt dheireannach air 30mh Samhain). 

Tha luchd-compàirt a’ faighinn cothrom sònraichte gus an sgilean cànain agus deasbaid a leasachadh agus a thaisbeanadh am measg an co-aoisean, buidhnean leasachaidh Gàidhlig agus buill de Phàrlamaid na h-Alba.  

Ann a bhith ag ainmeachadh an taice thuirt Luke Lovegrove, Prìomh Oifigear Malairt Loganair:

“Tha sinn air leth toilichte taic a thoirt dhan iomairt ionmholta seo aon uair eile.

“Tha Gàidhlig na eileamaid deatamach ann an dualchas na h-Alba, agus tha sinn moiteil ar taic a nochdadh do thachartasan a tha a’ toirt cothruim do dhaoin’ òga sgilean Gàidhlig a leasachadh.”

Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Cathraiche Comataidh Rianachd Deasbad Nàiseanta Loganair airson Sgoiltean Gàidhlig:

“Tha sinn a’ toirt mòr bhuidheachas do Loganair airson an taic ri farpais na bliadhna seo, a tha a’ daingneachadh an dealas ris a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus dhan Gàidhlig is a cultar. 

“Tha e a’ toirt mòr thoileachas dhuinn a bhith a’ toirt còmhla daoin’ òga bho feadh Alba agus fadachd oirnn ri bhith ag èisteachd ri deasbadan inntinneach agus brosnachail.”

“Tha sinn cuideachd taingeil airson an taic leantainneach bho Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Baile Ghlaschu, às aonais an taic seo, cha bhiodh e comasach am farpais a chumail a’ dol.”

“Tha farpais Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig a’ toirt cothruim do choimhearsnachdan Gàidhlig a thighinn còmhla, a’ toirt sgoilearan le Gàidhlig à sgoiltean bho air feadh Alba còmhla ann an Steòrnabhagh agus ann an Dùn Èideann, a’ cur am beachdan an cèill ann an sreath de dheasbadan, gu dearbhadh cò thig am bàrr gu ruighinn a’ chuairt dheireannach, a th’ air a cumail ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus air a craoladh beò air Radio nan Gàidheal.” 

“Tha am farpais a’ toirt cothruim sònraichte do sgoilearan Gàidhlig bho air feadh na dùthcha, fileantaich agus luchd-ionnsachaidh, an sgilean cànain a ghleusadh agus ùrlar a thoirt dhaibh far an taisbean iad an comasan rannsachaidh, taisbeanaidh agus labhairt ann an suidheachadh poblach.” 

Tha Deasbad Nàiseanta Loganair nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig air a ruith le comataidh rianachd, Comhairle nan Eilean Siar agus BBC Radio nan Gàidheal le taic maoineachaidh bho Loganair, Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Baile Ghlaschu.

Loganair National Gaelic Schools’ Debate

The Loganair National Gaelic Schools’ Debate Committee is delighted to announce that Loganair, the UK’s largest regional airline, will again sponsor this year’s competition, following a three year hiatus in the running of the competition. 

The airline will transport around 100 pupils from across Scotland’s Highlands and Islands to this prestigious competition, which will be held in Stornoway (first two rounds on 8th and 9thNovember) and Edinburgh (semi-final on the 29th and final on 30th November). 

The platform gives participants a unique opportunity to develop and showcase their language and debating skills amongst their peers, Gaelic development agencies and members of the Scottish Parliament.  

Commenting on the announcement, Loganair Chief Commercial Officer, Luke Lovegrove, said:

“We are delighted to sponsor this excellent initiative once more.

Gaelic is a crucial element of Scottish heritage, and we are proud to show our support to events that give young people the ability to develop their Gaelic skills.” 

Evelyn Coull Macleod, Chair of the Loganair National Gaelic Schools’ Debate Management Committee, said:

“We are very grateful to Loganair for their financial support for this year’s competition, which, once again, demonstrates their commitment to the Highlands and Islands and to the Gaelic language and culture. 

We are absolutely delighted to bring young people from across Scotland together and look forward to many interesting and thought provoking debates. 

“We are also grateful for the continuing support from The Scottish Government, Bòrd na Gàidhlig, Skills Development Scotland, Scottish Qualifications Authority, Education Scotland, Comhairle nan Eilean Siar, The Highland Council and Glasgow City Council without whose support, the competition could not continue. 

“The Schools’ Gaelic Debating competition enables Gaelic-speaking communities to come together, bringing Gaelic-speaking students from schools across Scotland together in both Stornoway and Edinburgh, plying their wits against each other in a series of debates in an attempt to reach the finals of the debating competition, which are held in The Scottish Parliament, and broadcast live on Radio nan Gàidheal.  

“The competition gives young Gaelic-speakers from across the country, fluent and learners alike, the unique opportunity to hone their linguistic skills and provides them with a platform to showcase their research, presentational and public speaking abilities.”

The National Secondary Schools’ Gaelic Debate is organised by the management committee, Comhairle nan Eilean Siar and BBC Radio nan Gàidheal and funded by Loganair, The Scottish Government, Bòrd na Gàidhlig, Skills Development Scotland, Scottish Qualifications Authority, Education Scotland, Comhairle nan Eilean Siar, The Highland Council and Glasgow City Council. 

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img