Tha sgoilearan P6/7 aig Sgoil nan Loch air na sgilean deasbaid aca a leasachadh mar phàirt de Sheachdain Pàrlamaid na h-Alba agus Là na Gàidhlig aig an ùghdarras ionadail, a chaidh a chumail air an 25mh den t-Samhain 2026.
Tha na sgoilearan air a bhith a’ rannsachadh cho cudromach ’s a tha e sgilean deasbaid a leasachadh, leithid a bhith a’ cur ri chèile argamaidean làidir, a’ cur an cèill am beachdan le misneachd, ag èisteachd ri beachdan eadar-dhealaichte, agus a’ freagairt dhaoine eile le spèis.
Mar phàirt den ionnsachadh aca, chuir a’ chlas fàilte air Torcuil Crichton, BP nan Eilean Siar.
Bhruidhinn e ris na sgoilearan mun dreuchd aige, agus fhreagair e na ceistean aca mu phoilitigs, a’ Phàrlamaid agus mar a thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh.
Thug seo cothrom sònraichte dha na sgoilearan na sgilean ceasnachaidh aca a chur an gnìomh, agus barrachd ionnsachadh mu mar as urrainn dha na guthan aca diofar a dhèanamh.
Tron phròiseact, sheall na sgoilearan dealas mòr airson a bhith a’ deasbad.
Chòrd e riutha a bhith a’ roinneadh am beachdan, a’ sgrùdadh bheachdan eadar-dhealaichte, agus a’ togail am misneachd a thaobh a bhith a’ bruidhinn air beulaibh dhaoine eile.
Thuirt Jenny Kearns, Prìomh Thidsear agus tidsear clas P6/7:
“Chòrd e gu mòr ris na sgoilearan a bhith an sàs anns na gnìomhan seo, agus tha e air a bhith sgoinneil a bhith a’ faicinn am misneachd a’ fàs.
“Tha iad air ionnsachadh nach e dìreach a bhith a’ cur do bheachd fhèin air adhart a th’ ann an deasbaireachd, ’s ann mu dheidhinn a bhith ag èisteachd gu cùramach, a’ smaoineachadh gu breithneachail, agus a’ toirt spèis do bheachdan dhaoine eile a th’ ann cuideachd.
“Chòrd e gu sònraichte riutha cothrom fhaighinn ceistean a chur air a’ BhP ionadail againn, Torcuil Crichton, agus barrachd ionnsachadh mu mar a tha deamocrasaidh ag obair.
“B’ e dòigh air leth a bh’ ann airson an ionnsachadh aca a thoirt beò, fhad ’s a bha iad a’ leasachadh sgilean a bhios air leth feumail dhaibh taobh a-muigh an t-seòmair-chlas.”
Chuir na gnìomhan cuideachd cuideam air cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig mar chànan airson còmhraidhean, deasbadan agus a bhith a’ cur bheachdan an cèill. Bha seo a’ brosnachadh nan sgoilearan gus an cànan a chleachdadh le misneachd thar raon farsaing de chuspairean.
Chuidich am pròiseact seo na sgoilearan gus na sgilean conaltraidh, obair-sgioba, smaoineachaidh bhreithneachail agus labhairt poblaich aca a neartachadh.
Aig an aon àm, neartaich e an teachdaireachd gu bheil còir aig guthan òigridh a bhith air an cluinntinn.
Young Lochie Voices Make Themselves Heard for Là na Gàidhlig
P6/7 pupils at Sgoil nan Loch have been putting their debating skills to the test as part of Scottish Parliament Week and Comhairle nan Eilean Siar’s Là na Gàidhlig (Gaelic Day) held on 25 November 2026.
The pupils have been exploring the importance of developing key debating skills, including building persuasive arguments, expressing opinions confidently, listening to different viewpoints and responding respectfully to others.
As part of their learning, the class welcomed Torcuil Crichton, MP for the Western Isles, who spoke to pupils about his role and answered their questions about politics, Parliament and how decisions are made.
The visit gave pupils a valuable opportunity to put their questioning skills into practice and discover more about how their voices can make a difference.
Throughout the activities, pupils showed great enthusiasm for debating, enjoying the chance to share their ideas, challenge different viewpoints and build their confidence in speaking in front of others.
Principal Teacher and class teacher for P6/7, Jenny Kearns said:
“The pupils have thoroughly enjoyed taking part in these activities and it’s been fantastic to see their confidence grow.
“They’ve learned that debating isn’t just about putting forward your own opinion, but also about listening carefully, thinking critically and respecting the views of others.
“They particularly enjoyed having the opportunity to ask our local MP, Torcuil Crichton, questions and find out more about how democracy works.
“It’s been a brilliant way to bring their learning to life while developing skills that will be valuable well beyond the classroom.”
The activities also highlighted the importance of Gaelic as a language for discussion, debate and expressing opinions, encouraging pupils to use their language confidently across a range of subjects.
The experience helped pupils strengthen their communication, teamwork, critical thinking and public speaking skills, while reinforcing the message that young people’s voices deserve to be heard.


