4.2 C
Inverness
Tuesday, December 6, 2022

Latha Cànan is Cultar Gàidhlig Coimhearsnachd Gheàrrloch 

Must read

Chuir Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus Bun-Sgoil Gheàrrloch latha fìor shoirbheachail air dòigh o chionn ghoirid airson cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh.

Bha an tachartas ag amas air teaghlaichean ann an Geàrrloch agus san sgìre mun cuairt.

Bha còrr is dà fhichead leanabh an làthair, cuide ri am pàrantan, an luchd-cùraim agus an sean-phàrantan.

Bha mòran chleasan spòrsail ann do chloinn eadar bùithtean-obrach ciùil is dràma, peantadh aodainn, caisteal bocadaich, agus sgeulachdan is ceòl le Leugh le Linda.

Bha cothrom aig pàrantan fiosrachadh is comhairle fhaighinn mu bhuannachdan dà-chànanais agus Foghlam tron Ghàidhlig (FtG).

Bha Taigh-tasgaidh Gheàrrloch an làthair cuideachd agus chùm iad bùth-obrach le Ruairidh MacIlleathain mu bheul-aithris agus lusan.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, cathraiche Comataidh na Gàidhlig:

“Bha Latha Cànan is Cultar Gàidhlig Gheàrrloch sgoinneil seach gun tug e cothroman do phàrantan is do theaghlaichean faighinn a-mach mu na buannachdan a tha an lùib dà-chànanais.”

Lean e air adhart:

“Bha mi cuideachd air mo mhisneachadh gu mòr a bhith a’ faicinn na h-uimhir de dhaoine òga a’ gabhail pàirt anns na cleasan spòrs is dràma Gàidhlig, agus a bhith a’ faicinn nam buidhnean cultarail Gàidhlig a leithid Fèis Rois a’ lìbhrigeadh sheiseanan dhan òigridh.

“B’ e tachartas fiosrachail is spòrsail a bh’ ann do theaghlaichean, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-solarachaidh.

“Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt do luchd-obrach Bun-Sgoil Gheàrrloch agus do Sgioba na Gàidhlig airson an latha a chur air dòigh agus sin a’ toirt am follais cho cudromach ’s a tha Foghlam tron Ghàidhlig ann an sgìre Gheàrrloch.

“Tha Comhairle na Gàidhealtachd taingeil cuideachd airson na taic a fhuaireadh bho Bhòrd na Gàidhlig.”

Thuirt Strav McDonagh, Ceannard Eadar-amail ann am Bun-Sgoil Gheàrrloch:

“Bha mòran an làthair aig an tachartas thlachdmhor seo a bha a’ cur air adhart buannachdan dà-chànanais ann am foghlam.

“Tha sinn air tòrr fios air ais math fhaighinn agus tha daoine airson ’s gun cùm sinn an tachartas a-rithist san àm ri teachd.

“Bha e na thoileachas fàilte a chur air na h-uimhir de dhaoine dhan sgoil, airson èisteachd ris a’ cheòl agus ceangal a thogail leis a’ Ghàidhlig.

“Bu toil leam taing a thoirt do luchd-obrach na sgoile, Comhairle na Gàidhealtachd, agus na com-pàirtichean againn uile a thàinig còmhla gus latha soirbheachail a chur air dòigh.”

Thuirt Pippa Zawisza-Archibald, pàrant FtG aig Bun-Sgoil Gheàrrloch:

“Bha latha sònraichte math aig an teaghlach againn aig an fhèis Ghàidhlig.

“Chòrd e glan rium a bhith ag èisteachd ri luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig agus bha e na bhuannachd is na adhbhar brosnachaidh dhan chloinn a bhith a’ cluinntinn a’ chànain a tha iad air a bhith ag ionnsachadh air a cleachdadh.

“Chòrd na sgeulachdan aig Linda sònraichte math ris an leanabh agam, a tha trì bliadhna a dh’aois.

“Bha i uabhasach fhèin math air ùidh na cloinne a thogail.”

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Chom-pàirteachasan is Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn fìor thoilichte taic a chur ris an tachartas seo a tha air cothrom a thabhann do theaghlaichean ann an Geàrrloch tighinn còmhla agus ionnsachadh mun Ghàidhlig, Foghlam tron Ghàidhlig, agus na cothroman a tha san sgìre aca.

“Tha seo cuideachd a’ cur taic ri amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus a’ Ghàidhlig a dhèanamh àbhaisteach sna coimhearsnachdan againn.”

Having fun at Gairloch Community Gaelic Language and Culture Day.

Gairloch Community Gaelic Language and Culture Day

The Highland Council Gaelic Team in partnership with Gairloch primary recently organsied a very successful Gaelic language and culture event.

The day was aimed at families in the Gairloch and surrounding areas. 

In excess of forty children along with their parents, guardians and grandparents attended the day. 

There were many fun activities for the children to participate in, including music and drama workshops, face painting, bouncy castle, Leugh le Linda stories and music sessions.

The event also provided parents with information and advice on the benefits of bilingualism and Gaelic medium education.

Gairloch museum were also in attendance and held a workshop with Roddy Mac Lean on Folklore and plants.

Cllr Calum Munro, chair of the Gaelic Committee said:

“The Gairloch Gaelic and Culture Day was excellent as it provided opportunities for parents, families to explore the benefits of being bilingual.”

He continued:

“I was also so encouraged to see so many young people taking part in the organised sporting activities, and to also see representatives from the Gaelic and cultural organisations deliver taster sessions including Fèis Rois and Gaelic Drama for the young people.

“It was a very informative and fun event for families, community groups, and providers.

“I wish to take this opportunity to thank Gairloch Primary School staff and the Gaelic Team for organising the event which highlighted the importance of GME education in the Gairloch area, and I wish to also add that the Highland Council are grateful for the support received from Bòrd na Gàidhlig for the event.”

Strav McDonagh, acting headteacher at Gairloch primary stated:

“This was a well-attended and thoroughly enjoyable event which promoted the benefits of bilingualism in education.

“We’ve had lots of very positive feedback and have been asked about repeating the event in the future.

“It was certainly a pleasure to be able to welcome so many people into the school, to listen to the music and see them engage with the Gaelic language. 

“I’d like to thank the efforts of the school staff, Highland Council, and all our partners who combined to make the day so successful.”

Pippa Zawisza-Archibald, a Gaelic medium parent at Gairloch primary said:

“Our family had a fantastic day at the Gaelic festival.

“I really enjoyed listening to fluent Gaelic speakers, it was really beneficial and encouraging for the children to hear the language they’re learning being used.

“My three-year-old particularly enjoyed the stories with Linda in the nursery, she was extremely engaging.”

Brian Ó hEadhra, Partnerships and Funding Manager, Bòrd na Gàidhlig said:

“We are delighted to support this event which has offered families in Gairloch the chance to come together and learn about Gaelic, Gaelic Medium Education and the opportunities in their area.

“This also supports the aims of the National Gaelic Language Plan to normalise Gaelic in our communities.”

- Advertisement -spot_img

More articles

- Advertisement -spot_img

Latest article