9 C
Inverness
Monday, April 15, 2024

PRÒGRAMAN BBC ALBA AIR AN AINMEACHADH AIRSON DUAISEAN CHLIÙITEACH RTS

- Advertisement -

Tha BBC ALBA air ainmeachadh sia tursan airson duaisean RTS Scotland am-bliadhna, a tha ag aithneachadh agus a’ comharrachadh an tàlant, na sgilean agus an cruthachalachd as fheàrr thar riochdachadh Tbh ann an Alba.

Tha na duaisean air am faicinn mar aithne air sàr-mhathais thar gnìomhachas telebhisein.

Chaidh ainmeachaidhean fhaighinn thar còig roinnean – Dibhearsain agus Feartan; Prògraman Aithriseach is Fìrinneach Sònraichte: Na h-Ealain; Clann; Sgrìobhadair; agus Tachartas Beò – a’ toirt aithne do shàr shusbaint BBC ALBA thar raon de ghnèithean.

Ann an roinn na Cloinne, chaidh a dhà de na trì prògraman air a’ gheàrr-liosta a choimiseanadh leis an t-seanail, a’ taisbeanadh ìre àrd de shusbaint Ghàidhlig a tha ri fhaotainn do chloinn.

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint airson MG ALBA:

“Tha e na dhearbhadh air an àrd ìre de phrògraman a bha air a chruthachadh le riochdairean BBC ALBA gun deach sia tagraidhean bho raon de dhiofar ghnèithean ainmeachadh airson Duaisean RTS Scotland am-bliadhna.

“Tha e gu sònraichte brosnachail dà ainmeachadh bho BhBC ALBA fhaicinn ann an roinn na Cloinne.

“Tha seo na chomharra air an sàr ìre de shusbaint chloinne le sgriobtaichean Gàidhlig a th’ againn air an t-seanail agus mar thoradh air co-obrachadh leis an EBU agus Maoin Susbaint Luchd-amhairc Òga BFI.

“Meal an naidheachd air a h-uile neach a chaidh ainmeachadh airson duaisean RTS Scotland 2022, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faighinn a-mach cò leis a shoirbhich anns na seachdainean a tha romhainn.”

Seo an liosta iomlan de dh’ainmeachaidhean BBC ALBA:

Dibhearsain agus Feartan: Miann na Maighdinn-mara, Hiort | Mermaid Tales – St Kilda | Mac TV | BBC ALBA

Prògraman Aithriseach agus Fìrinneach Sònraichte: na h-Ealain: Cèol is Cràdh | Sgeul Media | BBC ALBA

Clann: Cùm Sùil Orm | Corran Media; Miann na Mara | Macanta Media

Sgrìobhadair: Will Murray | Corran Media

Tachartas Beò Na Trads 2021 | Beezr

Gheibhear liosta slàn de na h-ainmeachaidhean an seo.

Thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm dhuaisean air a lìbhrigeadh le Des Clarke, Shereen Cutkelvin agus Lawrence Chaney air 30 Dàmhair aig an Old Fruitmarket, Glaschu.

BBC ALBA PROGRAMMES NOMINATED FOR PRESTIGIOUS RTS SCOTLAND AWARDS  

BBC ALBA has received six nominations in this year’s RTS Scotland awards, which recognise and celebrate the best talent, skills and creativity across TV production in Scotland.  They are considered the gold standard for excellence across the television industry. 
 
Nominations were received across five categories – Entertainment and Features; Documentary and Specialist Factual: Arts; Children’s; Writer; and Live Music – highlighting the high quality of BBC ALBA content across a range of genres.  
 
In the Children’s category, two of the three programmes shortlisted were commissioned by the channel, demonstrating the high standard of Gaelic content available for children. 
 
Margaret Cameron, Director of Content for MG ALBA said:  

“It’s testament to the consistent high quality of programming created by BBC ALBA producers that six entries spanning a range of different genres were nominated for RTS Scotland Awards this year. 
 
“It’s particularly encouraging to see two nominations from BBC ALBA in the Children’s category.

“This is a reflection of the excellent standard of Gaelic scripted children’s content we have on the channel and the result of collaborations with the EBU and the BFI Young Audience Content Fund.

“Our congratulations to all of the RTS Scotland 2022 nominees, we look forward to finding out the outcome in the coming weeks.” 

The full list of BBC ALBA nominations are: 

  • Entertainment and Features: Miann na Maighdinn-mara, Hiort | Mermaid Tales – St
    Kilda | Mac TV | BBC ALBA 
  • Documentary and Specialist Factual: Arts: Cèol is Cràdh | Sgeul Media | BBC ALBA 
  • Children’s: Cùm Sùil Orm | Corran Media; Miann na Mara | Macanta Media 
  • Writer: Will Murray | Corran Media 
  • Live Event: Na Trads 2021 | Beezr 

A full list of nominations can be found here

The winners will be announced at an awards ceremony hosted by Des Clarke, Shereen Cutkelvin and Lawrence Chaney on 30 October at the Old Fruitmarket, Glasgow.

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img