2 C
Inverness
Monday, December 5, 2022

Seiminear-lìn Foghlam Alba le Cùis Sgrùdaidh air FC Sonas 

Must read

Chùm Foghlam Alba seiminear-lìn a thug seachad na prìomh thoraidhean bhon ath-sgrùdadh aca air cleachdadh leasachadh coimhearsnachd tro phaindeamaig COVID-19.

Chaidh obair FC Sonas a chomharrachadh mar chùis sgrùdaidh ann an aithisg Foghlam Alba agus fhuair iad cuireadh a bhith an làthair agus taisbeanadh a thoirt seachad mun cuid obrach.  

Bha an seiminear-lìn fosgailte do luchd-cleachdaidh, luchd-ionnsachaidh, saor-thoilich, buill coimhearsnachd, com-pàirteachasan Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (ILC), ùghdarrasan ionadail agus buidhnean on treas roinn le ùidh ann an ILC agus leasachadh coimhearsnachd.

Tha Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic do FC Sonas agus ag obair còmhla riutha.

Thug an Sgioba taic seachad tro obair chom-pàirteach air campa ball-coise Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) a chaidh a chumail ann an Inbhir Nis tro shaor-làithean na Dàmhair.

Bha an tachartas seo a’ togail air soirbheachas champaichean FtG a chaidh a chumail roimhe ann an Inbhir Nis agus san Eilean Sgitheanach.
 
Thug an campa cothrom seachad sgilean cànain nan daoine òga a neartachadh is iad a’ conaltradh len co-aoisean ann an àrainneachd Ghàidhlig, a bharrachd air a bhith a’ leasachadh an sgilean is an comasan ball-coise.
 
Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd:

“Tha Comhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le FC Sonas, seach gu bheil e cudromach do dhaoine òga an sgilean cànain a chleachdadh taobh a-muigh àrainneachd fhoirmeil na sgoile.

“Tha FC Sonas a’ toirt seachad an eòlais gus sgilean cànain is ball-coise a thabhann agus tha seo a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan agus do dhaoine fa leth an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh spòrsail.”
 
Lean e air adhart:

“Tha a’ Chomhairle taingeil airson cuideachadh Bhòrd na Gàidhlig.”
 
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho gaelic@highland.gov.uk
 
Education Scotland Webinar FC Sonas Case Study

Education Scotland hosted a webinar event which shared the key findings from their review on community development practice through the COVID-19 pandemic.  

FC Sonas were invited to attend the webinar to share a presentation about their work which had been highlighted as a case study in the Education Scotland report. 

The webinar was open to practitioners, learners, volunteers, community members, Community Learning and Development Partnerships (CLD), local authorities and the third sector organisations with an interest in CLD and community development.

The Highland Council’s Gaelic Team is a lead authority in supporting and working with FC Sonas.

Their support is provided through collaborative work on a Gaelic Medium (GM) Football camp held in Inverness during the October school holidays.

This event built upon and enhanced the success of previous GM football camps held in Inverness and Skye.

This provided an opportunity to enhance and strengthen the young peoples’ Gaelic language skills, collaborating with their peers in a Gaelic medium environment, as well as developing football skills and abilities.

Councillor Calum Munro, Chair of Highland Council Gaelic Committee said:

“The Highland Council is delighted to be working in partnership with FC Sonas, as it is important for young people to use their language skills out with the formal school environment and FC Sonas provide the knowledge and skill to offer both language and football skills as a way of engaging communities and individuals to use Gaelic within a sporting an leisure environment.”

He continued:

“The Council is grateful for the assistance received from Bòrd na Gàidhlig.”

For further information contact gaelic@highland.gov.uk
 

- Advertisement -spot_img

More articles

- Advertisement -spot_img

Latest article