Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil a’ Buannachadh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig 2026

Tha Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig 2026 air òigridh Ghàidhlig bho air feadh Alba a thoirt còmhla a-rithist airson an cuid sgilean agus tàlantan a thaisbeanadh.

Anns a’ chuairt dheireannach, a ghabh àite Diardaoin, an 26mh den t-Samhain 2026 aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann, bha Àrd-sgoil Greenfaulds agus Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil  a’ farpais airson an tiotal nàiseanta cliùiteach, a’ taisbeanadh an comais air deasbad a dhèanamh mu dhiofar chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig.

As dèidh deasbad a bha tarraingeach agus farpaiseach, chaidh ainmeachadh gur e Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil  a bhuannaich Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig 2026.

Tha am farpais, a chaidh a stèidheachadh an toiseach ann an 1999, a’ leantainn air adhart gus àrd-ùrlar cudromach a thoirt seachad do dhaoine òga gus na sgilean aca a leasachadh – a thaobh bruidhinn gu poblach, smaoineachadh breithneachail agus conaltradh – fhad ’s a tha iad a’ neartachadh an cuid misneachd ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig.

Tron fharpais air fad, sheall na sgoilearan a bha a’ gabhail pàirt sàr àrd ìre de dh’ullachadh, obair-sgioba agus dealas.

Tha an deasbad cuideachd a’ soilleireachadh na pàirt dheatamaich a th’ aig sgoiltean, tidsearan,  teaghlaichean agus a’ choimhearsnachd ann a bhith a’ toirt taic don ath ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig.

Thuirt Catriona Mhoireach, a bha a’ breithneachadh na farpais airson a’ chiad turais:

“Bha e na fhìor thoileachas a bhith an sàs ann an Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig airson a’ chiad turais.

“Bho na h-ìrean tòiseachaidh fad na slighe chun a’ chuairt dheireannaich, bha sinn air ar glacadh gu mòr leis an dealas, am misneachd agus an comas a bha aig an òigridh a bha a’ gabhail pàirt.

“Bha ìre nan deasbadan air leth àrd, agus bha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn sgoilearan a’ cur an cuid bheachdan an cèill le uimhir de mhisneachd agus de dh’ùidh tro mheadhan na Gàidhlig.

“Bu chòir dha na sgiobaidhean uile a bhith air leth moiteil às na tha iad air a choileanadh.”

Thuirt Tormod MacLeòid, a bha cuideachd a’ breithneachadh air a’ cho-fharpais airson a’ chiad uair:

“Tha seo air a bhith air leth thlachdmhor agus buannachdail bho thoiseach gu deireadh.

“Tha an ullachadh, an obair-sgioba agus an dealas a sheall na sgoilearan air leth math, agus tha càileachd nan argamaidean agus nan deasbadan air ar n-obair mar bhritheamhan a dhèanamh gu sònraichte dùbhlanach.

“Tha tachartasan mar seo a’ sealltainn cho cudromach sa tha e cothroman a thoirt do dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na seòmar-sgoile, a’ leasachadh sgilean a dh’ fhuiricheas leotha fad am beatha.

“Tha e air a bhith na urram a bhith mar phàirt de cho-fharpais cho math, agus bu mhath leam meal a naidheachd a chuir air a h-uile duine a bha an sàs.”

A bharrachd air an sgioba a bhuannaich, dh’aithnich an co-fharpais sàr-mhathas fa leth, le Peigi NicFhearghais bho Àrd-sgoil Phort Rìgh a’ faighinn Duais an Neach-labhairt as Fheàrr mar mholadh air obair shònraichte san Deasbad.

Tha Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean Gàidhlig fhathast na thachartas cudromach ann am mìosachan foghlaim na Gàidhlig, a’ brosnachadh òigridh a dhol an sàs ann an cuspairean ùra an là an-diugh, am beachdan a chur an cèill le misneachd agus beairteas na Gàidhlig ann an Alba san là an-diugh a thaisbeanadh.

Chuir an comataidh meal-a-naidheachd air na sgoiltean agus na sgoilearan uile a ghabh pàirt airson na choilean iad agus thug iad taing do na tidsearan, na britheamhan, an luchd-taic agus na buidhnean com-pàirteachaidh a tha a’ dèanamh a’ cho-fharpais comasach.

Thàinig maoineachadh airson farpais 2026 bho na buidhnean a leanas agus tha an comataidh airson taing a thoirt do Spiorad na Mara, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, BBC Radio nan Gàidheal, Comhairle Baile Ghlaschu, Comhairle Baile Dhùn Èideann, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Urras MhicAmhlaigh, Urras Steòrnabhaigh, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig.

Castlebay School Winners of Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Ghàidhlig 2026

The National Gaelic Secondary Schools’ Debate 2026 (Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Ghàidhlig) has once again brought together young Gaelic speakers from across Scotland together to showcase their talents.

The final, held on Thursday 26 November 2026 at the Scottish Parliament in Edinburgh, saw Greenfaulds High School and Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil compete for the prestigious national title, showcasing their ability to debate complex issues through the medium of Gaelic.

Following an engaging and closely contested debate, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil  was announced as the winner of the National Gaelic Schools’ Debate 2026.

The competition, first established in 1999, continues to provide an important platform for young people to develop their public speaking, critical thinking and communication skills while strengthening their confidence in using Gaelic.

Throughout the competition, participating pupils have demonstrated an impressive standard of preparation, teamwork and commitment.

The debate also highlights the vital role that schools, teachers, families and the wider Gaelic community play in supporting the next generation of Gaelic speakers.

Catriona Murray, judging the competition for the first time, said:

“It has been an absolute pleasure to be involved in the National Gaelic Schools’ Debate for the first time.

“From the opening stages right through to the final, we have been incredibly impressed by the enthusiasm, confidence and ability of the young people taking part.

“The standard of debating has been exceptionally high, and it has been wonderful to see pupils expressing their views so confidently and passionately through Gaelic.

“All the teams should be extremely proud of what they have achieved.”

Norman MacLeod, also judging the competition for the first time, added:

“This has been a thoroughly enjoyable and rewarding experience from start to finish.

“The preparation, teamwork and commitment shown by the pupils have been outstanding, and the quality of the arguments and discussions has made our task as judges particularly challenging.

“Events like this demonstrate just how important it is to provide young people with opportunities to use Gaelic beyond the classroom, developing skills that will stay with them for life.

“It has been a privilege to be part of such a fantastic competition, and I would like to congratulate everyone involved.”

In addition to the overall winning team, the competition recognised individual excellence, with Peigi Ferguson from Portree High School receiving the Best Speaker Award for an outstanding contribution to the debate.

The National Gaelic Schools’ Debate remains an important event in the Gaelic education calendar, encouraging young people to engage with contemporary issues, express their opinions confidently and demonstrate the richness and relevance of Gaelic in modern Scotland.

The organisers congratulated all participating schools and pupils on their achievements and thanked the teachers, judges, supporters and partner organisations whose continued commitment makes the competition possible.

Funding for the 2026 competition came from the following organisations and the committee would like to express their thanks to Spiorad na Mara, The Scottish Government, Comhairle nan Eilean Siar, Highland Council, Storlann Nàiseanta na Gàidhlig, BBC Radio nan Gàidheal, Glasgow City Council, Edinburgh City Council, Skills Development Scotland, The MacAulay Trust, Stornoway Trust, The Gaelic Language Promotion Trust and Bòrd na Gàidhlig.

spot_imgspot_imgspot_imgspot_img
Ronnie MacDonald
Ronnie MacDonald
Ronnie MacDonald is a contributor to The Highland Times, writing on culture, sport, and community issues. With a focus on voices from across the Highlands and Islands, his work highlights the people and places that shape the region today.
Latest news
spot_imgspot_imgspot_imgspot_img
Related news