11.7 C
Inverness
Friday, October 17, 2025

Am Mòd a’ Sealltainn gu Bheilear a’ Lìbhrigeadh na Gàidhlig gu Ginealach ùr

spot_imgspot_imgspot_imgspot_img

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air moladh mòr a dhèanamh air an òigridh a tha a’ gabhail pàirt ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa ann an Loch Abar.

Tha iad nan deagh theisteanas air an obair mhòr a thathar a’ dèanamh a thaobh na Gàidhlig ann an sgoiltean is coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.

Tha a bhith a’ brosnachadh nam buannachdan a tha an lùib foghlam Gàidhlig air a bhith aig cridhe poileasaidh Chomhairle na Gàidhealtachd fad dheicheadan.

Tha e gu h-àraid iomchaidh meòrachadh air a seo am-bliadhna.

Tha 40 bliadhna ann bhon chaidh a’ chiad chlas Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) a stèidheachadh sa Ghàidhealtachd agus tha 10 bliadhna ann bhon dh’fhosgail Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar (BSGLA) – a’ chiad sgoil le Gàidhlig a-mhàin a tha a’ frithealadh a’ Ghearasdain is nan sgìrean mun cuairt.

Cluinnear is chithear buannachdan nan iomairtean seo tro ghuthan is chleasan nan daoine òga a tha a’ gabhail pàirt ann an Loch Abar – agus tha an t-àrdachadh ann an àireamh nam farpaiseach na adhbhar misneachd.

Thuirt cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Drew Mac a’ Mhuilleir:

“Tha eachdraidh mhoiteil aig Comhairle na Gàidhealtachd de bhith a’ cur taic ris a’ Ghàidhlig agus an t-seachdain seo tha sinn airson an dealas sin a chur an cèill agus a neartachadh às ùr do na sgoiltean is na coimhearsnachdan againn.

“Tha sinn air sàr eisimpleirean fhaicinn thar nam farpaisean air fad.

“Tha mòran òigridh an seo agus bu chòir dhaibh a bhith moiteil àsta fhèin agus iad a’ togail cliù dhan teaghlaichean, dha na tidsearan agus dha na coimhearsnachdan aca.”

Tha clàr na sgoile aig BSGLA air èirigh bho 69 nuair a dh’fhosgail i ann an 2015 gu 156 sgoilear ann an 2025 – àrdachadh de 126 sa cheud.

Aig an àm seo, tha còrr is 1000 sgoilear a’ frithealadh 20 bun-sgoil sa Ghàidhealtachd a tha a’ tabhann FtG.

Tha 15 àrd-sgoiltean co-cheangailte sa Ghàidhealtachd cuideachd a’ tabhann solar sa Ghàidhlig agus tha an àireamh sgoilearan a tha a’ coileanadh theisteanasan Gàidhlig sna sgoiltean seo cuideachd ag èirigh.

Tha ùidh ann a bhith a’ frithealadh foghlam Gàidhlig fhathast a’ fàs.

Tha àireamhan sgoil-àraich FtG ag èirigh – an-uiridh bha 9.89 sa cheud de sgoilearan na roinne air fad na lùib, agus b’ e seo an ceudad a bu mhotha riamh a chaidh a chlàradh ann an ionadan tràth-ionnsachaidh FtG na Gàidhealtachd.

Tha Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a’ gabhail a-steach prìomhachas ro-innleachdail gun tèid brosnachadh is fàs leantainneach a lìbhrigeadh an dà chuid ann am Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Tha na h-àireamhan a’ sealltainn gu bheilear a’ coileanadh seo.

Mòd Performances a Tribute to Those Passing on Gaelic to The Next Generation

Highland Council has praised the efforts of young performers at this year’s Royal National Mòd in Lochaber.

The young participants from across the area are a positive reflection on the Gaelic work being undertaken in schools and communities across Highland.

Extolling the benefits of Gaelic education has been a cornerstone of Highland Council policy for decades.

This year seems especially significant.

It’s 40 years since the first Gaelic medium school class was established in Highland and 10 years since the opening of Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, the first all-Gaelic school to serve Fort William and surrounding areas.

The benefits of these initiatives will be seen and heard through the voices of all the young people participating in Lochaber, with Mòd entries showing an encouraging increase from previous years.

The chair of The Highland Council’s Gaelic committee, Cllr Drew Millar, said:

“Highland Council has a proud record of support for Gaelic and this week we want to re-assert and strengthen that commitment for our schools and communities.

“We have seen some fantastic performances across the competitions.

“The many young people here are a credit to themselves and to their families, teachers and communities.”

The school roll at BSGLA roll has risen from 69 when it opened in 2015, to 156 pupils in 2025 a percentage increase of 126 per cent.

Currently, over 1000 pupils attend 20 primary schools in Highland offering GME education.

A further 15 associated secondary schools in Highland also offer provision in Gaelic and the number of pupils achieving Gaelic qualifications in these schools is also on the rise.

Interest in accessing Gaelic education continues to grow.

GME Sgoil-àraich numbers are going up, last year they accounted for 9.89 per cent of all the region’s pupils, and this was the highest percentage ever enrolled in Highland’s GME Early Learning Centres.

The council’s Gaelic language plan includes a strategic priority to deliver continued promotion and growth in both Gaelic medium education and for Gaelic learner education.

The figures suggest the trends are moving in a positive direction.

spot_imgspot_imgspot_imgspot_img
Ronnie MacDonald
Ronnie MacDonaldhttps://thehighlandtimes.com/
Ronnie MacDonald is a contributor to The Highland Times, writing on culture, sport, and community issues. With a focus on voices from across the Highlands and Islands, his work highlights the people and places that shape the region today.
Latest news
spot_imgspot_imgspot_imgspot_img
Related news