12.8 C
Inverness
Wednesday, January 15, 2025

Neach-Gairm a’ Cur Meal-a-Naidheachd air Makar na h-Alba

- Advertisement -

Tha Comh. Coinneach Macleòid, Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar, air meal-a-naidheachd a chur air Pàdraig MacAoidh a chaidh a chur an dreuchd mar Makar na h-Alba.

Chaidh Pàdraig MacAoidh à Siadar Iarach, Eilean Leòdhais, a chur an dreuchd mar Makar na h-Alba (Bàrd Nàiseanta na h-Alba) le Iain Swinney, Prìomh Mhinistear na h-Alba, an t-seachdain-sa.

Thuirt Comh. Coinneach Macleòid:

“Bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air Pàdraig, a chaidh ainmeachadh mar Makar na h-Alba.

“Tha cùrsa-beatha Phàdraig, mar sgrìobhadair, neach-acadaimigeach agus neach-naidheachd, airidh air an leithid de dh’ aithneachadh, agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an obair aige san dreuchd.

“Mar neach-labhairt Gàidhlig à Eilean Leòdhais, tha mar a chaidh Pàdraig a chur san dreuchd seo air leth cudromach a thaobh cultar nan eilean.

“Tha e cuideachd na eisimpleir do dhaoine eile anns na h-Eileanan an Iar air na ghabhas coileanadh anns na roinnean cruthachail agus acadaimigeach.”

Convener Congratulates Scotland’s Makar

Cllr Kenny Macleod Convener of Comhairle nan Eilean Siar has congratulated Peter Mackay on his appointment as Scotland’s Makar.

Peter Mackay from Lower shader, Isle of Lewis, was appointed Scotland’s Makar (National Poet) by John Swinney, First Minister earlier this week.

Cllr Kenny Macleod said:

“I’d like to extend my congratulations to Peter on his appointment as Scotland’s Makar.

“Peter’s career as a writer, academic and journalist is worthy of such recognition, and I look forward to his work in the role.

“As a Gaelic speaker from the Isle of Lewis the appointment of Peter to this position is hugely culturally significant for the islands.

“It also serves as an example to others in the Western Isles of what can be achieved in the creative and academic sectors.”

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img