Bha Neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, An Comhairliche Coinneach MacLeòid, an làthair aig cuirm nan Còisirean ann an Glaschu Disathairne 17 Dàmhair nuair a chaidh Bratach a’ Mhòid a thoirt do na h-Eileanan an Iar mar chomharra air tilleadh Mòd Nàiseanta Rìoghail na h-Alba dhan sgìre ann an 2027.
Bidh Mòd 2027 a’ faicinn a’ Mhòd Nàiseanta a’ tilleadh chun nan Eilean Siar airson a’ chiad uair bho 2016, agus chaidh an gluasad samhlachail den bhratach a chomharrachadh aig deireadh seachdain air leth soirbheachail do Mhòd Ghlaschu 2026.
Thuirt an Comhairliche Coinneach MacLeòid:
“Tha sinn air leth toilichte Mòd Nàiseanta Rìoghail na h-Alba a chur fàilte air ais dha na h-Eileanan Siar ann an 2027.
“Tha am Mòd aig cridhe ar cànain agus ar cultair, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte chridheil air farpaisich, luchd-tadhail agus luchd-taic bho air feadh na dùthcha gu na h-eileanan.
“Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air a h-uile duine a bha an sàs ann am Mòd Ghlaschu 2026 agus tha sinn a-nis a’ tionndadh ar n-aire gu bhith a’ lìbhrigeadh fèis air leth an ath-bhliadhna.”
Mòd Flag Handed Over to the Western Isles Ahead of Royal National Mòd 2027
Councillor Kenny Macleod, Convener of Comhairle nan Eilean Siar, attended the Massed Choirs event in Glasgow on Saturday 17 October as the Mòd Flag was formally handed to the Western Isles, marking the return of the Royal National Mòd to the islands in 2027.
The 2027 event will see the Royal National Mòd return to the Western Isles for the first time since 2016, with the symbolic handover taking place at the close of a highly successful Mòd Ghlaschu 2026.
Cllr Kenny Macleod said:
“We are delighted to welcome the Royal National Mòd back to the Western Isles in 2027.
“The Mòd is at the heart of our language and culture, and we look forward to extending a warm island welcome to competitors, visitors and supporters from across the country.
“I would like to congratulate everyone involved in making Mòd Ghlaschu 2026 such a success, and we are now turning our attention to delivering an outstanding celebration of Gaelic language and culture next year.”


