9.9 C
Inverness
Wednesday, April 23, 2025

BEARTAS DUALCHAS NA GÀIDHLIG NA THARRAING DON ÒIGRIDH

- Advertisement -

Bidh cothrom aig òìgridh an cuid sgilean Gàidhlig a bheartachadh tro shaor-làithean na Càisge nuair a thig iad cruinn còmhla aig tachartas sònraichte ann an Eilean Leòdhais.

Bidh an tachartas còmhnaidh cultarail 5 Latha, air a chur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal, a’ tilleadh gu Taighean-dubha nan Geàrrannan eadar 7 agus 12 Giblean le dùil ri 18 còm-pàirtichean bho air feadh Alba.

Bhon a chaidh a stèidheachadh ann an 2012, the 5 Latha air cothrom a thoirt do chlann àrd-sgoile le Gàidhlig ùine a chur seachad ann an coimhearsnachd Ghàidhlig agus pàirt a ghabhail ann an sreath farsaing de chur-seachadan cultarail is ceòlmhòr a tha gam brosnachadh is gam misneachadh an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh agus a leudachadh.

Bidh cothrom aca a dhol an sàs ann an obair croitearachd a bharrachd air ionnsachadh fhaighinn mu chleachdaidhean iasgaich, fiadh-bheathaichean ionadail, gnìomhachas a’ Chlo Hearaich agus reasabaidhean traidiseanta an eilein. 

Thèid bùithtean-obrach ciùil is seinn a lìbhrigeadh tron t-seachdain le Iain MacMhaighstir (Glenfinnan Cèilidh Band) agus Ellen NicDhòmhnaill (Sian/Dàimh).  

Bidh cothrom sònraichte aig com-pàirtichean, cuideachd, òrain obrach ionnsachadh bho shàr sheinneadair agus eòlaiche nan òran, Maighread Stiùbhart. 

Thuirt Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Calum Macmhaoilein:

“Tha sinn air ar dòigh tilleadh gu Na Geàrrannan a-rithist airson 5 Latha.  Tha còrr is 200 com-pàirtiche air a bhith an sàs san tachartas bhon a thòisich e, ‘s iad uile làn deòin is spionnadh pàirt a ghabhail anns na cur-seachadan farsaing a tha air an cur air dòigh dhaibh.”

Bidh cèilidh coimhearsnachd ga cumail ann an co-bhonn ri Còisir Ghàidhlig Chàrlabhaigh Diardaoin 10mh Giblean aig 7.30f, le com-pàirtichean is oidean 5 Latha, cuide ri buill den chòisir agus bidh fàilte bhlàth chridheil ron a h-uile duine a bhith an làthair.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis: 

“Tha an tachartas seo na chothrom do luchd-labhairt òg na Gàidhlig an cuid fileantachd sa chànan a leasachadh.

“Tha sinn ag aithneachadh gum feum a’ Ghàidhlig a bhith ga cleachdadh gu cunbhalach ann an coimhearsnachdan dham buin i gu traidiseanta, tro thachartasan leithid 5 Latha, airson ’s gum fàs i.

“Sin an t-adhbhar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach sa Phàrlamaid.

“’S e amas a’ Bhile gun tèid barrachd foghlaim to mheadhan na Gàidhlig a sholarachadh agus gum bi tasgadh ann an coimhearsnachdan dham buin an cànan gu traidiseanta ga bhrosnachadh.

“Gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig air feadh Alba, tha sinn cuideachd a’ cur £5.7 millean a bharrachd ri iomairtean gus an cànan a bhrosnachadh ann an 2025-26.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chumail ri Fèisean nan Gàidheal agus an tachartas 5 Latha a-rithist am-bliadhna.

“Tha e math daoine òga fhaicinn is iad a’ tighinn còmhla sa choimhearsnachd aca airson spòrs is fealla-dhà a ghabhail, ionnsachadh a dhèanamh, agus Gàidhlig a chleachadadh còmhla.”

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig:

“Tha sinn gu mòr an comain na coimhearsnachd ionadail airson na taic leantainneach a tha iad a’ toirt dhuinn.

“Tha seo a’ cur ris na cothroman a ghabhadh a chur air dòigh don òigridh, ‘s tha e na chuideachadh mòr dhaibh an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus a bheartachadh.

“Bu math leinn cuideachd ar taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail airson taic-airgid a leigeadh leinn an tachartas sònraichte seo a chur air dòigh gach bliadhna.”

RICHNESS OF GAELIC CULTURE A DRAW FOR YOUNG PEOPLE

Young people will have an opportunity to enrich their Gaelic language skills during the Easter holidays when they gather for a special event in the Isle of Lewis.

Fèisean nan Gàidheal’s 5 Latha event returns to the Geàrrannan Blackhouses between 7 and 12 April which 18 young people from across Scotland are expected to attend. 

First held in 2012, 5 Latha gives young Gaelic speakers, of high school age, a chance to experience a Gaelic speaking community where they take part in a wide range of cultural and musical activities, allowing them to use their Gaelic and expand their vocabulary.

The programme includes activities through which participants will gain first-hand experience of crofting life as well as learning about fishing practices, local wildlife, the Harris Tweed industry and traditional island recipes. 

Participants will also take part in music and song workshops with Iain MacMaster (Glenfinnan Cèilidh Band) and Ellen MacDonald (Sian/Dàimh).  

Renowned singer and local tradition bearer, Margaret Stewart, will lead a session on traditional working songs. 

Fèisean nan Gàidheal’s Development Manager, Calum Alex Macmillan said:

“We are really looking forward to returning to the Geàrrannan Blackhouses for 5 Latha.  

“Since establishing the event in 2012 we have welcomed over 200 participants, all of whom have been eager to take part in the activities which are part of our programme.”

A community cèilidh will be held in partnership with Carloway Gaelic Choir on Thursday 10th April with 5 Latha participants and tutors alongside members of the choir and a warm welcome is extended to all.

Deputy First Minister Kate Forbes said:

“This event is an opportunity for young Gaelic speakers to improve their fluency in the language.

“We recognise that for Gaelic to flourish it needs to be used regularly in communities where it is traditionally spoken through events like 5 Latha.

“That’s why the Scottish Government is progressing the Scottish Languages Bill in Parliament.

“The Bill aims to increase provision of Gaelic medium education and promote investment in communities where the language is traditionally spoken.

“To support Gaelic’s growth across Scotland, we are also providing an extra £5.7 million for initiatives to promote the language in 2025-26.”

Ealasaid MacDonald, Ceannard (CEO), Bòrd na Gàidhlig, said:

“Bòrd na Gàidhlig is delighted to continue our support of Fèisean nan Gàidheal and the 5 Latha event again this year.

“It’s great to see young people coming together in their community to have fun, learn, and speak Gaelic together.”

Fèisean nan Gàidheal’s Chief Executive, Arthur Cormack, added:

“We are indebted to the local community for their long-standing support which contributes greatly to the experience of participating in 5 Latha and encourages the participants to use and strengthen their Gaelic.  

“We are also grateful to our funders, Bòrd na Gàidhlig and Creative Scotland, whose generous support enables this special event.”

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img