3.1 C
Inverness
Monday, December 2, 2024

Labour’s Gregson calls for Inverness to Qualify for Greater Gaelic Development Support

- Advertisement -

Aig coinneamh Comataidh na Gàidhlig na Comhairle an-diugh, thuirt an Comhairliche Dr. Michael Gregson (Meadhan Inbhir Nis – Pàrtaidh Làborach) gum bu chòir Inbhir Nis a bhith am measg nan sgìrean a tha aithnichte mar na ‘Prìomh Choimhearsnachdan’ airson taic agus leasachadh.

“Tha tòrr fianais an-dràsta gu bheil am baile ga fhaicinn fhèin mar ionad cultarail – tro Meadhanan, Ealainean, Cultar, Dualchas Foghlam, agus an ath bhliadhna bidh a’ Chomhairle a cumail Co-Labhairt air na Cothroman do Gnìomhachas agus Eaconomaidh leasachadh tron Ghàidhlig. 

“Tha Prìomhachasan Ro-innleachdail againn sa Chomhairle, mar eisimpleir cothroman a ghabhail gus an cànan a leasachadh. Tha cothrom mòr ann. Thug an Leas-Phrìomh Mhinistear, Kate Forbes, cuireadh airson atharrachaidhean sa Bhile Chànanan na h-Alba. Am measg bha doighean neartachadh agus taic a thoirt do Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig ann an raointean sònraichte – ‘Areas of Linguistic Significance.’

“Nam bheachd, ged a tha grunn raointean nas cugallaiche ann far a bheil feum air taic, gu h-àraidh ann an coimhearsnachdan nas iomallaiche, bu chòir Inbhir Nis a bhith am measg a leithid.”

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img