6.7 C
Inverness
Saturday, April 19, 2025

Taisbeanadh ùr de Ithean Àirseachail a Chaidh a Lorg o Chionn Ghoirid a’ Fosgladh ann am Beinn na Fadhla

- Advertisement -

’S e ‘Beatha agus Arc-eòlas Innse-Gallach’ an t-ainm a th’ air taisbeanadh ùr ann am Museum nan Eilean, Lionacleit, Beinn na Fadhla.

Tha arc-eòlas san taisbeanadh a bharrachd air dealbhan tasglannach a thog an neach-dhealbh ainmeil Gus Wylie.

Tha na dealbhan san taisbeanadh a’ glacadh sheallaidhean de bheatha dhaoine sna h-Innse Gall bho àm a dh’fhalbh.

Chaidh na nithean àirseachail san taisbeanadh an dàrna chuid a lorg air thuaiream gu h-ionadail leis a’ phoball, no tha iad mar phàirt de chladhaidhean àrc-eòlais foirmeil fo stiùir oilthighean.

Chaidh na nithean cudromach seo a thoirt do Mhuseum nan Eilean tron phròiseas aig Treasure Trove Scotland.

Am measg nan rudan as inntinniche san taisbeanadh, tha dealg-bhiorain ann a chaidh a lorg ann an Roisinis, Beinn na Fadhla, dealgan le uachdaran còmhnard air an lorg ann am Bàlaigh, Uibhist a Tuath, agus grunn nithean a chaidh an lorg ann an Aird a’ Mhachair, Uibhist a Deas, a’ gabhail a-steach dealg-bhràiste le prìne lùdagach bhon 8-9mh linn nach lorgar ach ainneamh, agus bonn-airgid air a gheàrradh ann an cairteal a chaidh a dhèanamh san Normainn bho thùs.

Tha Museum nan Eilean air sealbh a ghabhail o chionn ghoirid air cruinneachadh Bhòrnais, air a chur ri chèile bho chladhach a chaidh a dhèanamh le Oilthigh Cardiff air tuineachadh Lochlannach cudromach eadar 1994 agus 2004.

Thuirt Caomhan Murphy, Arc-eòlaiche CnES:

“Tha an cladhach àirseachail seo air cothrom a thoirt dhuinn tuigse nas fheàrr fhaighinn air beatha dhaoine sna h-Innse Gall eadar an 5mh agus 15mh linn, an obair àiteachail agus luchd-ciùird a rinn iad, agus na ceanglaichean a bh’ aca aig an àm ri saoghal nan Lochlannach air fad.”

Tha an cruinneachadh farsaing agus chan eil ach glè bheag dheth san taisbeanadh, ach tha seo a’ toirt blas dhuinn air na chaidh a chladhach.

Bidh luchd-obrach Seirbheis Museum trang ann a bhith a’ sgrudadh agus a’ cur na h-àireimh mòire de nithean an òrdugh sa bhliadhna a tha romhainn.

Fo lagh na h-Alba, feumar fios a chur gu Treasure Trove nuair a lorgar nithean àirseachail, agus feumar cead fhaighinn mus cleachdar lorgaire-meatailte.

Ma chanas an Crùn gur ann acasan a bu chòir nì a chaidh a lorg a bhith, gheibh an neach a lorg an nì pàigheadh ‘deagh-ghean’ ex-gratia, mar as trice aig prìs luach air a’ mhargaid, agus thèid a phàigheadh leis an taigh-tasgaidh a gheibh na chaidh a lorg.

New Exhibition of Recently Discovered Archaeology Opens in Benbecula

‘Hebridean Life & Archaeology’ is the new exhibition at Museum nan Eilean, Lionacleit, Benbecula.

The exhibition features archaeology alongside archival photos by acclaimed photographer Gus Wylie. 

The photographs on display capture scenes of Hebridean life from a particular time and place.

The exhibited archaeological artefacts are chance finds that were found locally by members of the public or were part of formal university led archaeological excavations. 

These significant finds were recently allocated to Museum nan Eilean through the Treasure Trove Scotland process.   

Highlights include a stick pin found in Rosinish, Benbecula, Frustum-headed pins found in Vallay, North Uist and a number of finds from Ardivachar in South Uist including a rare 8-9th century hinged pin style brooch-pin and a cut quarter silver denier which originated in Normandy.

Museum nan Eilean has recently taken ownership of the Bornish assemblage, from the important Norse settlement which was excavated by Cardiff University between 1994 and 2004.

Kevin Murphy, Comhairle nan Eilean Siar Archaeologist, said:

“This archaeological excavation has given us an opportunity for greater understanding of life in the Outer Hebrides between the 5th and 15th century, reflecting not only agricultural and artisan activities but also the links with the greater Viking world”

The assemblage is extensive and only a small selection is currently on display to give a taste of what was excavated.

Museum Service staff will be busy assessing and cataloguing the large assemblage over the coming year.

Under Scottish law, all finds must be reported to Treasure Trove, and permission must be obtained before metal detecting.

If the Crown claims the artefact, then the finder will be awarded an ex-gratia ‘goodwill’ payment, which is normally set at the market value, and is paid by the receiving museum.

- Advertisement -
Latest news
- Advertisement -spot_img
Related news
- Advertisement -spot_imgspot_img